Na dean uaill a thaobh an là màireach... (Gnath-fhacail 27.1)
(An t-Sultain-An Dàmhair 2009)
Nach tric a’chuala sinn bho ur sinnsearaibh nacheil an là màireach air a ‘ghealladh dhuinn. Aig amannan eile bha e cho cumannta na seann daoine bhi ag radh rinn, “ma ghleidheas an Cruthaidhear sinn ‘s gu faic sinn an latha màireach.” Bha na briathran seo air an cleachdadh nan còmhradh làthail agus cha bhiodh e ceadaichde dhuit a ‘chaochladh a’ radh gun a ‘bhi air do ceartachadh. Bha speis air a’ thoirt do rùn a ‘Chruthaidhear anns a chòmhradh choitchionn agus bha sluagh an àite nas cùramaiche nan imeachd spioradail seach mar a tha e an diugh. Faodaidh sinn a ‘thuigsinn bho bhriathran a ‘cheann-teagaisg gu bheil na Sgriobtuirean ga’r stiureadh air an aon ràmh agus nacheil atharrachadh air focal an Tighearna bho’n uair ud chun an àm seo. Tha an Fhìrinn a’ labhairt ri gach aon againn an diugh nach urrainn dhuinne a’bharrachd bhi coimhead air an là màireach mar gum biodh coir agus sealbh againn air. Tha Focal Dhè ag innseadh dhuinn gu foilleasach gur ann an Dia a ‘mhainn a tha “ur bith agus ur beatha agus ur n’uile chomasan gluasad.” Chaneil fios aig duine sam bith co latha neo an uair a ‘ghairmear sinn a’ dh’ionnsaigh ar dachaigh bhuan agus nach tric a’ chì sinn sin air a’ dhearbhadh dhuinn a measg ‘ur co-chreutairean. Tha an t-òg agus an sean air an gairm air falbh nuair as lugha dùil ris. Is e an cheisd dhuitsa agus dhòmhsa an diugh; am bheil sinn a ‘gabhail ri focal Dhè a tha ‘g innseadh dhuinn cho taisbeanach gur ann Aige-san tha uile choir air an nì sin? Tha an rabhadh air a’thoirt dhuinn anns a cheann-teagaisg chum is gum faic sinn an amaideas tha annainn mur a ‘bheil sinn a toirt an aite sin do’n Tighearna. “S ann aige-san tha fios air ‘ur crioch agus air ‘ur beatha. Gum beannaichean È sinn le gliocas gu bhi toirt fainear ‘ur suidheachadh. |