Is beannaichte an neach a dh’earbas as an Tighearna (Ieremiah 17.7)(Am Faoilleach-An Gearran 2016)
Nach tric a chluinneas sinn cho sgiobalta ’sa thig an bhliadhn’ – ùr timcheall agus ’s e na seann daoine as tric a dh’fhairicheas so. Tha an òigridh a cumail am beatha dol ri iomadh cuir-seachad agus ’s dòcha nacheil iad a toirt fainear air cho fìor luath ’sa tha na seachdainean agus na mìosan a dol seachad. Tha mòran air an fhaire agus gun ùine aca air nithean eile. Cha n’ fhaic a mhòr-chuid dhiubh feum air sùil a tooit air nithean a bhuinneas do chrioch am beatha agus air siorraidheachd. A dh’ainndeoin so, tha e cudromach dhaibh uile gum bi dealbh air a chair fa’n comhair chum is gun tuig iad cho prìseil ’sa tha deireadh am beatha agus feumalachdan an anam. Feumaidh so a bhi air a bhunaitacheadh le gràdh chum is gun tuig iad gu bheil siorraidheachd air thoiseach oirnn uile. Cha - n e mhainn òigridh a dh’fheumas so a thuigsinn ach a mheadhon-aois agus an t-seann-aois cuideachd. Tha anam air siubhal gach duine agus bi t-anam air iarraidh ort nuair a thig crioch do thuras anns a bheatha so. Bhiodh e na ghliocas dhuinn mar sin gum bitheamaid a coimhead air briathran an fhàidh agus a coimhead a steach do bhrìdh nam briathran sin. Tha sinn uile a cuir feum air beannachdan bho’n Tighearna chum is gun greimaich sinn air dòchas airson an dùthaich nèamhaidh. Lèugh dhuit fhein an ath earrann anns a chaibtail so agus faic an dreach fhreagarrach a tha air a thogail dhuinn an sin. Dealbh air a thoirt dhuinn mu phailteas agus beartas an Tighearna nach bi gu bràth air a thoirt bhuain. Tha mi airson ìmpidh a chuir ort, co-dhiubh sean na òg, aig toiseach bliadhna eile, gun stadadh tu agus gun tuigeadh tu gu bheil do bheatha mar na bliadhnaichean a dol seachad cho luath. Bhiodh e math dhuitsa agus dhòmhsa gun ro sinn a toirt aite do Chriosd na’r beatha agus a deanamh ullachadh airson an latha mhòr sin a thig do gach aon againn. |