Powered by Create your own unique website with customizable templates.
Picture

​​​​​​​​​​​​​NORTH UIST & GRIMSAY

​Free Church of Scotland (Continuing)

"For God so loved the world, that he gave his only begotten Son, that whosoever believeth in him should not perish, but have everlasting life"
  • Home
  • About
  • Services
  • Beliefs
  • Sermons
  • Bible
  • Psalms
  • Articles
  • Links
  North Uist & Grimsay Free Church of Scotland (Continuing)
  • Home
  • About
  • Services
  • Beliefs
  • Sermons
  • Bible
  • Psalms
  • Articles
  • Links

Is mise, eadhon mise, an Tighearna; agus a mach uamsa chaneil slanuidhear ann (Isaiah 43.11)

(An t-Luchar-An Lùnasdal 2009)

Nuair a leughas sinn na sgriobtuirean gu mionaideach bi sinn a’ togail ioma suidheachadh far am bheil daoine a’ cuir an uile dhòchas ann an diathan coimheach agus air an aobhar sin ri iodhal-aoradh. Tha seo gu math follaiseach anns an t-seann tiomnadh agus a rithis anns an tiomnadh-nuadh. Faodaidh sinn a’ radh gu bheil e na’r n’eachdraidh bho thùs. Nacheil e fior anns an latha anns a’bheil sinn fhein beo gu bheil sinn èolach air moran chreidimhean a measg an t-saoghail a tha cleachdadh iodhalan agus modhan eadar-dhealaichte nan aoradh. Tha an cleachdadh seo na ghràineilachd do an Tighearn agus tha e air a dheanamh glè shoilleir dhuinn ann an faidheadaireachd Isaiah, caib 41:24; “feuch, is neo-ni sibh,agus is nì gun bhrìgh bhur n’obair: is gràineilachd esan a’ roghnaicheas sibh”. Tha eiseamplair eile air a’ chuir fa’r comhair ann an leabhar Ieremiah, caib 2:7 anns a, bheil an Tighearna a’ cuir an ceill paillteas a’ laimhe do chlann Israeil ach dh’aindeoin’s na rinn e dhoibh; “thruaill iad m’fhearann agus m’oighreachd rinn sibh n’a ghràineilachd”.

Is e aoradh aon doigh anns am bheil e comasach dhuinne a bhi cuir an ceill moladh agus ùmhlachd do’n Tighearna agus a bhi gabhail comh-pairt ann an co-chomunn ris-san mar a tha E air ordugh leis anns an fhìrinn. Nach biodh e reusanta gum bitheamaide a’dluthachadh ris an Tighearna agus ga fhaicinn-sa mar an aon Dia fior agus ceart. Tha seo cho cudthromach do gach aon oir tha an fhìrinn ag innseadh dhuinn, ma tha sinn a’ dol a’ shealbhachadh na beatha maieannaich gum feum sinn an taite sin a’ thoirt dha agus sin tre an Tighearna Iosa Criosd. Tha soilleireachd air a’ thoirt dhuinn ann an Soisgeul Eoin caib. 17:3; “agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, èolas a bhi aca ortsa an aon Dia fior, agus air Iosa Criosd a’ chuir thu uait.”

Tha ‘ur ceann-teagaisg a’ cuir cùl ri dia sam bith eile ach an Tighearna Dia agus esan a’mhain. Tha sinn ri thuigsinn gur ann annsan a tha slainte shiorraidh ri fhaotainn; “agus a mach uamsa chaneil slanuidhear ann.” Tha fiosrachadh tha seo ag innseadh dhomhsa agus dhuitsa gu bheil sinn ann an suidheachadh anns am bheil sinn a’ cuir feum air Slanuidhear ma tha sinn fhathast na’r peacadh agus gun maitheanas peacaidh againn, is gun Chriosd mar Fhear-Saoraidh. Chan urrainn dhuinn a’ dhol as aicheadh sin oir pheacaich gach aon againn ann am focal, smuain agus gniomh. Mar sin, nach biodh e fragarrach gum bitheamaid a’ cuir ‘ur n’aghaidh air an Tighearna agus a’cuir èolas pearsanta annsan chum is gum bitheamaid a’ sealabhachadh an dòchais mhaireannach sin nach toir ni air bi bhuain.

Dè do shuidheachadh fhein fa chomhair nam briathran a tha againn ‘sa cheann-teagaisg?

Bheil thu fhathast am measg sluagh an t-saoghail mhòir agus do shùil agus do dhòchas ann an nithean na beatha seo a’ thig gu cinnteach gu crioch gun bhuanachd air bith?

Tha Dia a’ labhairt riumsa agus riutsa. Gun gabhamaid ceum da ionnsaigh.
Powered by
Services
Sabbath Services:
​12noon & 6.00pm
Prayer Meeting:

Wednesday 7.30pm
More details
Location
Bayhead, Isle of North Uist, HS6 5ED (UK)
​

57.588377,–7.457185
view map
Contact
Rev. David M. Blunt

17 Knockline, Isle of North Uist, HS6 5DT

Tel. 01876 510305 or Mob. 07881560937
email
Site
© 2018 NORTH UIST & GRIMSAY
Free Church of Scotland (Continuing)
​
All rights reserved
email
  • Home
  • About
  • Services
  • Beliefs
  • Sermons
  • Bible
  • Psalms
  • Articles
  • Links
  • Powered by Create your own unique website with customizable templates.
    ✕